Saotharlann chruthachail - SaotharlannG - far an dèan luchd-ealain na Gàidhealtachd Choitcheann sgrùdadh agus ceangal ann an co-obrachadh anns na h-ealainean lèirsinneach, ann an ceòl, litreachas agus dràma.

Co-obrachadh

Cothrom gus saothair luchd-ealain agus ionadan na Gàidhealtachd Choitcheann a thaisbeanadh.


Cuspair

Cuspair gus sealltainn air nithean bunaiteach an lùib na Gàidhealtachd Choitcheann, biodh e air dualchas àrsaidh no air cothroman air co-obrachadh an-diugh.


Cothroman

Goireas airson luchd-ealain agus ionadan gus cothroman air co-obrachadh, taisbeanadh, maoineachadh agus tursan (m.e. Turas-ealain a h-uile dà bhliadhna le luchd-ealain na Gàidhealtachd Choitcheann a’ toirt an cuid saothrach gu ionadan san roinn) a chur air adhart.

Fòram gus dùbhlan agus piobrachadh a thoirt do luchd-ealain dealbh a thoirt air a’ Ghàidhealtachd agus cuspairean buntainneach eile.

Lèirsinn air beatha agus spreagadh luchd-ealain de gach seòrsa a nì riochdachadh is leasachadh air a’ Ghàidhealtachd anns an t-saothair aca.


Dealbh

Ceòl

Dràma

Litreachas

Na h-Ealain Lèirsinneach

Ionadan